[Pg 1]

GEARR-SGEOIL

AIR

SIR SEORAS UILLEAM ROS

AGUS AIR

MAR A THUINICH NA GAIDHEIL
ANN AN CANADA UACHDRACH



LEIS AN
OLLAMH ALASDAIR FRISEAL









TORONTO, 1915



FACAL TOISEACHAIDH
I.
II.
III.
IV.
V.




[Pg 3]

FACAL TOISEACHAIDH


IS toigh le sluagh la-an-diugh a bhith leughadheachdraidh-beatha dhaoine ainmeil:tha e iomchuidh gu'm bitheadh na Gaidheilcuimhneachail air diùlanaich an cinnidh fein,agus tha e 'na aobhar bròin cho beag 's achaidh chur a'n clò mu Ghaidheil iomraiteachChanada, am measg an robh daoine cliùiteacha choisinn moladh an co-dhuthchaich.

Bho thoiseach àiteachaidh Chanada bha naGaidheil am follais. Bha iad ann an armailtWolfe aig Louisburg agus aig Quebec far ando thionndaidh iad an latha. An deidh nasìthe fhuair iad obair eile ri dheanamh. Thogiad fearann, chaidh iad a stigh gu doimhneachdna coille a bhuinnig dhachaidheandhaibh fein. Shoirbhich leo is dh' fhàs iadlionmhor: anns gach gairm is gniomh bha iaddeas; leòsan shocraicheadh seol-riaghlaidhagus móran de laghanan bunabhasach na tìre.Bhitheadh e chum toil-inntinn an gineil—dh'fhaoidtechum an leas—na 'm bitheadhiomradh orra air a ghleidheadh leinne.

'S i 'n smuain so a mhàin ceann-fàth ansgeoil ghoirid so mu Ghaidheal Chanadachnach d'rinn dearmad riamh air Tìr namBeann.




[Pg 5]

SIR SEORAS ROS

I.


SAN t-seann aimsir b'abhaist do na Gaidheilcaoidh mór a dhèanamh mu bhàs ceann-cinnidh,no neach eile air an robh mór spéis. B'e dleasanas a' phiobaire an coronach a thogailri toirm na pioba; dleasanas a' bhàird cliù anlaoich a chur air fonn nan dàn. B' i so anduais a b' àirde ris an robh dùil aig na flaitheanGaidhealach 's an t-saoghal so, maraonduais nam marbh agus misneachadh nam beo;oir cha robh àrd no iosal gun deidh air deaghbheachd a ghinealaich fein, agus air àite urramachfhaotainn ann an eachdraidh bhuan adhuthcha.

Tha bàrdachd Oisein luchdaichte le tromthùrsa airson nam marbh gaisgeil a chuirdeagh chomhraig 's a thuit 's a bhlàr:—

'Charuill, tog do ghuth gu h-àrdAir gach linn a bh' ann nach beò;Caithear oidhche ann am mìn dhàn;Faighear gàirdeachas 's a' bhròn.'S iomadh saoi is òigh 'bu chaoin'Ghluais o thùs a'n Innis-fàil.Is taitneach dàin air na laoichO thaobh Alba nam fuaim àrd.'N uair a dh' aomas farum na seilg[Pg 6]Fo ghuth Oisein nan caomh-rann,'S a fhreagras aonach an deirgSruth Chòna
...

BU KİTABI OKUMAK İÇİN ÜYE OLUN VEYA GİRİŞ YAPIN!


Sitemize Üyelik ÜCRETSİZDİR!